Luchd-obrach na h-ola air stailc
- Published
Tha a' chiad stailc am measg luchd-obrach a' Chuain a Tuath ann an cha mhòr 30 bliadhna air tòiseachadh.
Tha còrr is 300 neach-obrach air seachd clàran-ola a' sguir a dh'obair fad ceithir uairean fichead.
Dh'fhailich air còmhraidhean eadar na h-aonaidhean Unite agus RMT aonta a ruighinn leis a' Wood Group a thaobh pàighidh agus chùmhnantan obrach.
Thuirt a' chompanaidh a tha a' ruith nan clàran-ola, Shell, nach toir seo buaidh air na tha de dh'ola a' tighinn às na clàran, no air sàbhailteachd.
Gearradh
Tha ceannardan na buidhne Wood Group a tha ruith nan 7 clàran ola air a bheil na stailcean airson na companaidh Shell a' dol às àicheadh gu bheil cuid de luchd-obrach gus gearradh de suas gu 30% fhaicinn anns tha tha iad a' cosnadh.
Thèid an fheadhain a tha a' gabhail pàirt san stailc a gluasad gu seòmar stèidhichte air na clàran agus cha teid loidhneaichean piocaid a chruthachadh.
Thuirt Shell gur e bristeadh dùil a bha san stailc ach gum bu chòir dha a bhith soillear gum feumadh structar gnìomhachas na h-ola agus a' ghas sa chuan a tuath atharrachadh airson a bhith a' farpais le roinnein eile aig àm a tha prìs na h-ola ìosal.