Bò air a droch leon ann an ionnsaigh

Tha na Poilis air Ghàidhealtachd ag iarraidh fiosrachaidh, às dèidh mar a b' fheudar cur às do bhò a bh' air a goirteachadh.

Is coltach gun deach losgadh air a' bheathach, agus i a' gabhail fasgaidh ann an coille faisg air Dùn Fhlicheadaidh ann an Srath Narann.

Tha beachd ann gur dòcha gun deach losgadh air le poidsearan a bha an tòir air fèidh.

Thachair an ionnsaigh eadar am 20mh agus an dàrna 22na den Iuchar.

Tha na Poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur orra air an àireamh fòn 101, no air Crimestoppers.