Draghan mu obraichean Raon Rocaid Uibhist
- Published
Gheall ball-pàrlamaid nan Eilean Siar ann an Westminster strì a dhèanamh son obraichean aig raon rocaidean Uibhist a ghlèidheadh.
Thuirt Aonghas Brianan MacNèill gu robh e air a bhith a' bruidhinn ri QinetiQ agus gu robh e a' tuigse gu robh 19 consaidhean ann an cunnart agus gu robh co-luadar gu bhith air a dhèanamh mun deidhinn.
Às na 19 cosnaidhean sin tha e a' tuigse gum bi sia obraichean a' falbh.
Mairidh an co-luadar dà mhìos.
Litir
Thuirt Mgr MacNèill gu sgrìobhadh e gu Ministreachd an Dìon mun chùis 's e ag radh gu bheil argamaid làidir ann son obraichean Uibhist a chumail.
Tha fear de chomhairlichean Uibhist a Deas cuideachd air draghan a thogail mu na dreuchdan a tha ann an cunnart.
Tha Raghnall MacFhionghuinn ag ràdh nach tuirt Qinetiq, a tha a' ruith an raoin, mòran mun t-suidheachadh.
Ach tha esan ag ràdh gu'n toireach call-cosnaidh droch bhuaidh air economaidh Uibhist - gu h-àraidh ma 's e dreuchdan air deagh thuarasdal a bhios ann.
Farpais
Agus tha ceist air cuideachd am feum luchd-obrach Uibhist farpais an aghaidh dhaoine bho làraich eile aig Qinetiq airson nan dreuchdan a thèid fhàgail.
Bha Riaghaltas Westminster am beachd Raon Rocaidean Uibhist a dhùnadh ann an 2010 ach chaidh cur às dhan phlana sin.
Cha robh QinetiQ deònach dearbhadh cia mheud obair a dh'fhaodadh falbh ann an Uibhist, ach thuirt iad gun dèan iad nas urrainn dhaibh airson obraichean a dhìon.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 25 An t-Iuchar 2016