Raghnall MacFhionghain
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh air comhairle mu raon nan rocaid

26 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha dragh air fear de chomhairlichean Uibhist a Deas gun caill còrr is sianar agus 's dòcha cha mhòr 19 duine , an obair aig raon na rocaid.

Tha Raghnall MacFhionghuinn ag ràdh nach tuirt Qinetiq, a tha a'ruith an raoin, moran mun t-suidheachadh.

Ach tha esan ag ràdh gun toireach call-cosnaidh droch bhuaidh air economaidh Uibhist, gu h-araidh ma 's e dreuchdan air deagh thuarasdal a bhios ann.

Agus tha ceist air cuideachd am feum luchd-obrach Uibhist farpais an aghaidh dhaoine bho làraich eile aig Qinetiq airson na dreuchdan a thèid fhàgail.