Oidhirpean dhotairean Mhuile fhàstadh fàiligeadh
- Air fhoillseachadh

Tha Muile air còig dotairean a chall thairis air an dà bhliadhna gu leth mu dheireadh.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad ag aideachadh nach eil na h-oidhirpean aca gus dotairean làn-ùine fhastadh ann am Muile thar an dà bhliadhna mu dheireadh air soirbheachadh.
Thuirt iad gu bhel iad a' coimhead ri diofar dhòighean air dotairean fhastadh fo chùmhnantan eadar-dhealaichte.
Tha seo an dèidh do dhragh èirigh san eilean, agus iad air còig dotairean a chall san dà bhliadhna mu dheireadh, 's nach bi air fhàgail ach aon dotair làn-ùine stèidhichte ann am Muile.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 An t-Iuchar 2016