Chaochail an seinneadair Gàidhlig, Magaidh Dhòmhnallach

Magaidh Dhòmhnallach Image copyright Nick Turner, Watercolour Music

Chaochail an seinneadair Gàidhlig, Magaidh Dhòmhnallach.

Bha i 63 agus chaochail i às dèidh ùine ghoirid a' fulang le aillse.

Bhuineadh i do theaghlach ainmeil a' chiùil, Caimbeulaich a' Ghnìob san Eilean Sgitheanach.

Ghlèidh i am Bonn Òir aig a' Mhòd Nàiseanta ann an Dùn Omhain ann an 1994 agus bha i cuideachd na ball den chòmhlan Cliar.

A thuilleadh air a bhith a' seinn gach cuid leatha fhèin agus ann an còisirean agus còmhlain, bha i gu mòr an lùib Fèis Rois, 's i air bòrd-stiùiridh na fèise fad sia bliadhna.

Rinn Magaidh ceithir album ciùil le Cliar, agus nochd i iomadh turas air an rèidio agus air an telebhisean, gach cuid an Alba agus thall-thairis.

Bhiodh i cuideachd a' seinn an lùib pròiseact an teaghlaich, Caimbeulaich a' Ghnìob, a' clàradh dà album - a' chiad fhear a' buanachadh an Sunday Times World Music Album of the Year - agus ag obair air leabhar mun teaghlach.

Ann an 2008 rinn i eachdraidh, 's i air an aon neach a sheinn beò air ceangal saideal à Hiort, an lùib na h-opara Hiort: MacTalla nan Eun, a chaidh a thaisbeanadh ann an grunn dùthchannan Eòrpach aig an aon àm.

Bha i pòsta aig Iain "Hearach" Dòmhnallach, às na Hearadh, agus bha dithis de theaghlach aice, agus còignear oghaichean.