NHS na Gàidhealtachd thairis air buidseat

Feumaidh cruth atharrachadh a thighinn air an dòigh anns a bheil bòrd slàinte na Gàidhealtachd a' toirt seachad sheirbheisean - a-rèir àrd stiùirichean a' bhùird.

A' bruidhinn aig coinneamh a' bhùird dimàirt, thuirt Nick Kenton gu bheil iad mar tha ceithir millean not thairis air a' bhuidseat - 's gun ach trì mìosan de'n bhliadhna air a dhol seachad.

Aig a' choinneamh aca sa Ghiblean dh'aontaich am Bòrd Slàinte gearraidhean de £28m a dhèanadh ann an 2016/17.

Euslaintich

Nas fhaide dhen bhliadhna dh'aontaich iad gum bu chòir an ùine a tha euslaintich a' cur seachad san ospadal a ghearradh ann an oidhirp airgead a chùmhnadh.

Thuirt Nick Kenton gur e cosgais na seirbheis air an taobh siar, ann an Earra Ghàidheal agus aig ospadal an Rathaig Mhòir a bu choireach.

Tha e canail gu bheil iad a' cur suim mhòir a dh'ionsnaigh dotairean locum agus cungaidhean leigheis.

Tha cosgaisean na rudan sin air a bhith ag èirigh thairis air na bliadhnaichean a chaidh seachad - chosg NHS na Gàidhailteachd £15m air locums an uiridh.

Mar sin, thuirt e, gu bheil an t-am ann cruth atharrachadh a thoirt air an t-seirbheis agus ged a tha'd thairis air a' bhuidseat an dràsta, tha e an dùil gun tèid aca air na leabhraichean a chothromachadh air a' bhliadhna ionmhais a tha seo.