Ross County a-mach

Alloa 3 Ross County 2 Image copyright Brian Roach
Image caption An tadhal a bhuannaich an geama dha Alloa.

Dh'iarr manaidsear Ross County, Jim Mac an t-Saoir, leisgeul an luchd-leantainn às dèidh dhan sgioba a dhol a-mach à Cupa Betfred.

Chaill County 3-2 ri Alloa oidhche Mhàirt, a' fàgail gu bheil iad a-mach às an fharpais dìreach ceithir mìosan às dèidh dhaibh an cupa a bhuannachadh an aghaidh Hibs aig Hampden.

Tha Alloa air an seusan ùr a thòiseachadh gu math is Jack Ross air sreath de chluicheadairean ùra a thoirt dhan chluba.

'S e dithis dhuibh sin, Jordan Kirkpatrick is Iain Robasdan, a chuir Alloa 2-0 air thoiseach às dèidh dìreach 11 mhionaid.

Fhreagair County gu sgiobalta, tadhail bho Bhrian Greumach is Alex Schalk gan cur co-ionnan is gun ach beagan is 20 mionaid air an cluich.

Cothroman

Bha an geama a' dol bho cheann gu ceann le Gardyne a' bualadh a' mhaide-tarsainn dha County is Spence is Cawley le chèile glè fhaisg air tadhal dha Alloa.

Ghabh County làmh an uachdair san dàrna leth is bha iad gu làidir den bheachd gun robh còir aca a bhith air breab-peanais fhaighinn nuair a chaidh Alex Schalk sìos sa bhocsa.

Cha do dh'aontaich an rèitire is thàinig an tadhal a bhuannaich an geama bho Alloa, Calum Waters leis bho astar.

Thàinig Alloa faisg air tadhal eile anns na mionaidean mu dheireadh, Isaac Layne a' drilleadh a' bhuill far a' phuist.

Cluichidh Alloa an aghaidh Raith Rovers Disathairne a-nise is na sgiobaidhean a' farpais 'son Buidheann D a bhuannachadh.

Bidh County an aghaidh Cove Rangers ann an geama nach eil a-nise a' ciallachadh dad dhaibh.

"Tha mi air mo nàireachadh le mar a chluich sinn, rinn sinn droch mhearachdan", thuirt Jim Mac an t-Saoir.

"Cha robh sinn math gu leòr is tha mi duilich dhan luchd-leantainn a shiubhail sìos dhan gheama", thuirt e.

Pronnadh

Bha oidhche mòran na b' fheàrr aig an sgioba Ghàidhealaich eile, is Caley Thistle a' pronnadh Dhùn Phàrlainn 5-1 aig Pàirce East End.

Chuir Iain Vigurs Inbhir Nis air thoiseach, is ged a thill na Pars le tadhal bho Anndra Geggan, bha Vigurs air an targaid a-rithist 'son ICT a chur air thoiseach 2-1 aig leth-ùine.

Rinn Billy King e 3-1 às dèidh 54 mionaidean is chuir Vigurs an uairsin am ball dhan lìon le cheann.

Hat-trick sònraichte dha Vigurs, tadhail bhon chois dheis, bhon chois chlì, is le a cheann.

Chuir Carl Tremarco crìoch air fìor-dheagh oidhche dha Chaley Thistle sa mhionaid mu dheireadh is an geama a' crìochnachadh 5-1.

Tha sin a' fàgail Inbhir Nis aig mullach Buidheann C is Obar Bhrothaig a' tighinn gu tuath Disathairne.