Pàigheadh son uairean a bharrachd do dhotairean suas

  • Air fhoillseachadh

Tha pàigheadh son uairean a bharradh do dh'àrd-lighichean do NHS nan Eilean Siar air a dhol suas còrr is 50% an coimeas ri an aon àm an uiridh.

Chaidh an t-airgead a chosgadh air uairean a bharrachd suas còrr is £400,000 bho 2015.

Thàinig na figearan am follais às dèidh rannsachaidh leis a' BhBC air feadh na rìoghachd aonaichte.

Lean figearan NHS na Gàidhealtachd mun aon ìre, aig mu £1m gach bliadhna thairis air na trì bliadhna mu dheireadh.

Àrdachadh

Bha NHS Roinn a' Mhonaidh am measg nan ceithir bùird aig an robh an t-àrdachadh as motha son uairean a bharrachd a phàigheadh.

Chaidh faisg air £21m a phàigheadh do dh'àrd-lìghichean ann an Alba air a' bhliadhna an-uiridh airson uairean a bharrachd obrachadh.

Thuirt Rùnaire na Slàinte Shona Robison gu bheil Riaghaltas na h-Alba gu bheil iad ag obair gus dèiligeadh le tòrr rudan a tha ag adhbhrachadh àrdachadh ann am pàigheadh son uairean a bharrachd.