Iarrtas son bàta-bathair do dh'Ìle

  • Air fhoillseachadh
Bàt'-aiseig ChalMac
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh a Hebridean Isles a thoirt air falbh son gun deidheadh a càradh an dèidh dhith bualadh sa chidhe ann an Ceann na Creige Disathairne.

Tha Ìle a' cur feum air bàta-bathair a thuilleadh air bàt-aiseig àbhaisteach.

Sin a rèir fear-gnothachais san eilean 's gun ach aon bhàta air an t-slighe an-dràsta.

Chaidh a Hebridean Isles a thoirt air falbh son gun rachadh a càradh às dèidh dhith bualadh sa chidhe ann an Ceann na Creige Disathairne.

A-rèir Phòl Ghraham, aig a bheil taigh-òsta san eilean, chan eil uidhir de luchd-turais a' dol dhan eilean ri linn 's nach eil ach an aon bhàta ann.