SSE ga chàineadh mu tharaif THTC

Chaidh càineadh a dhèanamh air a' chompanaidh chumhachd SSE le Buidheann-Ghnìomha Bochdainn nan Eilean Siar.

Tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil e comasach do chuid air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan gluasad gu companaidh eile.

'S ann acasan a-mhàin a tha taraifean Total Heating Total Control anns an sgìre.

A rèir na buidhne, tha seo a' cosg nan ceudan notaichean do dhaoine gach bliadhna.

Farpais

Tha an Riaghaltas, Ofgem agus Ùghdarras na Farpais is na Margaidheachd(CMA) ag ràdh gum faodadh daoine airgead a shàbhaladh le bhith gluasad eadar companaidhean.

Ach thuirt Cathraiche na buidhne, Aonghas MacCarmaig nach eil an comas sin aig feadhainn ann an ceann a tuath na h-Alba a tha a' cleachadh meatair THTC.

A-rèir Mhaighstir MhicCarmaig, tha an CMA mothachail air an t-suidheachadh ach nach cuir iad dad an gnìomh gu deireadh na bliadhna.

Tha e air iarraidh air a' Phrìomhaire Theresa May a dhol an sàs agus dèiligeadh leis an t-suidheachadh sa bhad.