Càin air a Hydro son bàs neach-obrach

  • Air fhoillseachadh

Chaidh càin £133,000 air a' chompanaidh chumhachd Scottish Hydro às dèidh bàs neach-obrach loidhne.

Chaidh Gareth Aitken a mharbhadh fhad 's a bha e ag obair air pàirt den loidhne dealain eadar A' Mhanachainn agus Dùn Rath bho chionn 4 bliadhna.

Chualas ann an Cùirt an t-Siorraidh am Baile Dhubhthaich gun robh an neach-obrach a' cleachdadh clàr-togail son sùil a chumail air dithis neach-obrach a bha fo a stiùir nuair a bhuail e ann an cabal dealain.

Thuirt Oifis a' Chrùin gun robh na cunnartan follaiseach agus gun gabhadh an tubaist seachnadh.

Dh'aidich Scottish Hydro Electric Transmission gun robh iad cionntach air casaidean gun do bhris iad laghan slàinte is sàbhailteachd.