Iarrtas gun leig neach-gairm a' Choimisean dheth a dhreuchd

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba air iarraidh air neach-gairm Choimisein na Croitearachd a dhreuchd a leigeil dheth.

Tha an t-iarrtas seo air nochdadh às dèidh mar a chuir iad comataidhean ionaltraidh a-mach à oifis.

A rèir cathraiche na buidhne, chuir iad na comataidhean as oifis agus constabail nan àite, an aghaidh chomhairle laghail.

Chaidh draghan a thogail bho chionn ghoirid mu neach-gairm Choimisein na Croitearachd, Cailean Ceannadach leis mar a chaidh dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas a chuir ma sgaoil.

An t-seachdain sa chaidh, thuirt an t-eòlaiche fearainn is croitearachd an Dr Iain MacFhionghain gum bu chòir do Mhgr Ceanadach a dhreuchd a leigeil dheth.

Gearain Oifigeil

Thuirt Mgr MacFhionghain nach robh còir aig Mgr Ceanadach pàirt sam bith a ghabhail sa cho-dhùnadh a thaobh comataidh ionaltraidh Chuil Uaraich air sailleabh 's gun robh gearain oifigeil na aghaidh bho na croitearan cheanna.

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba a-nis airson 's gun leig Mgr Ceannadach dheth a dhreuchd cuideachd.

Thuirt cathraiche na buidhne, Fiona Mandeville, gu bheil am fiosrachadh a fhuairear tro Achd Saorsa an Fhiosrachaidh a' sealltainn gun do sheachain Bòrd a' Choimisein a' chomhairle laghail a fhuair iad le bhith a' cur chonstabalan an àite nan comataidhean.

Thuirt i gu bheil tuilleadh sa chòrr troimh-chèile ann a-nis leis a' ghnothach a tha seo, agus 's gum bu chòir do Mhgr Ceannadach a dhreuchd a leigeil dheth.

Thuirt Coimisean na Croitearachd, ged a tha iad a' dèanamh rannsachaidh air a' ghnothach gus ionnsachadh bho na thachair, 's iad ministeirean bho'n riaghaltas a tha taghadh Buird a'Choimisein, 's leis a sin, 's ann acasan a tha an co-dhùnadh.