Duais do dh'Iain Thormod MacLeòid
- Air fhoillseachadh

Chaidh an t-seirbheis a thug Iain Tormod MacLeòid do dh'fhoghlam Ghàidhlig aithneachadh, 's Duais Choileanadh Fad Beatha ga buileachadh air aig cuirm Àrd-Fhoghlaim an Herald.
Tha Iain Tormod, a tha a-niste na Cheannard air Foghlam aig Sabhal Mòr Ostaig, air a bhith ag obair ann am foghlam Gàidhlig o chionn iomadh bliadhna.
A' buileachadh na duais air Iain Tormod, thuirt Prionnsabal Colaiste Bhaile Ghlaschu, Pòl Little: "Tha e air a bhith ag obair ann am foghlam còrr is 35 bliadhna, chuir e an t-uabhas ri leasachadh foghlaim leantainnich agus àrd-fhoghlaim tro mheadhan na Gàidhlig.
"Tha dlùth-cheangal eadar ainm agus Sabhal Mòr Ostaig.
"Mus do ghabh e a dhreuchd ann, cha robh ann an SMO ach colaiste neo-eisimeileach a bha a' tabhainn chùrsaichean goirid ràitheil ann an cànan is cultar na Gàidhlig.
"An-diugh, tha a' cholaiste a' tabhann còig chùrsaichean ceuma urramach, agus cùrsaichean iar-cheumnachd.
"'S iongantach gum biodh Sabhal Mòr Ostaig mar a tha e an-diugh mura b' e dealas, lèirsinn, dripeileachd agus dìcheall Iain Thormoid MhicLeòid."
Chuir Prionnsabal Sabhal Mòr Ostaig, Boyd Robasdan, cho toilichte 's a bha e mun duais an cèill.
"'S math an airidh air an aithneachadh seo air a' bhuaidh mhòir a thug Iain Tormod do dh'fhoghlam Ghàidhlig agus leasacahdh SMO mar Ionad Sàr-mhaitheas nàiseanta agus eadar-nàiseanta, agus mar phàirt de dh'Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean," thuirt e.
"Stiùir Iain Tormod leasachadh a' churriculum bho 1983, agus chruthaich e portfolio acadaimigeach eadar cùrsaichean do dh'fhìor-luchd-ionnsachaidh agus raon de phrògraman fo-cheumnachd agus iar-cheumnachd, gu sgrùdadh PhD sa chànan.
"'S esan am bun-stèidh air an deach cliù sgoileireil na Colaiste a thogail, agus tha meas mòr air ann an cearcallan foghlaim air feadh na h-Alba agus thall-thairis."