Tubaist mhairbhteach ann an Gallaibh
- Air fhoillseachadh
Chaidh fireannach a mharbhadh ann an tubaist-rathaid ann an Gallaibh.
Thachair an tubaist mu 03:15m Diardaoin air an A99 deas air Keiss.
Cha robh ach an aon chàr an lùib na tubaist.
Bha rathad an A99 dùinte fad grunn uairean a thìde às dèidh na tubaist.