Beachdan gan sireadh air leasachadh aig an Stòrr

Bodach an Stòirr Image copyright Thinkstock
Image caption Tha draghan ann mu chion àitean-parcaidh agus gu bheil feum air taighean-beaga poblach.

Tha beachdan gan sireadh air leasachadh a th' anns an amharc aig an Stòrr san Eilean Sgitheanach.

Tha àrdachadh mòr air tighinn air na tha de dhaoine a' tadhal air an àite anns na beagan bhliadhnaichean a dh'fhalbh 's e air nochdadh ann an grunn fhiolmaichean agus prògraman telebhisein.

Tha sin air draghan adhbharachadh mu chion àitean-parcaidh agus beachd ann cuideachd gu bheil feum air taighean-beaga poblach.

Chaidh buidheann fhastadh air a' mhìos a dh'fhalbh a nì sgrùdadh air na roghainnean a th' ann airson na goireasan a leasachadh.

'S ann le Comhairle na Gàidhealtachd a tha an talamh timcheall air Bodach an Stòirr ach tha Urras an Taobh Sear a' beachdachadh air an talamh a cheannach bhuapa air neo an leasachadh a dhèanamh ann an co-bhanntachd leotha.

Sgrùdadh

Thuirt Dòmhnall Dòmhnallach bho Urras an Taobh Sear gu bheil iad air sgrùdadh mionaideach a dhèanamh gus dearbhadh dè na goireasan as motha a tha a dhìth.

A thuilleadh air pàirce chàraichean agus taighean-beaga, thuirt e gun do nochd iarrtas cuideachd airson tuilleadh ghoireasan do luchd-turais.

"Tha cuideachd beachdan air tighinn gum bu chòir 's dòcha beagan a bharrachd a dhèanamh a thaobh fiosrachadh a thoirt seachad do dhaoine mu dheidhinn an Stòirr agus far a bheil an Stòrr fhèin, tha e gu math cudromach airson an taobh sear agus daoine air innse dhuinn gum bu toil leotha gun gabhadh sinn an cothrom airson daoine a chumail a' dol gu tuath agus a bhith a' frithealadh nan coimhearsnachdan tuath air Port Rìgh airson buannachd eaconamaidh na sgìre".

Thuirt Mgr Dòmhnallach gu bheil Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd ag aithneachadh gu bheil obair a dhìth aig an làraich 's iomagain orra gum faodadh tubaist a bhith ann air sgàth chion goireasan.

Bidh cothrom aig muinntir an àite am beachd a thoirt seachad ann an Talla Stafainn eadar 10:00m agus 3:00f Disathairne, an 30mh là den Iuchar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo