NFUS na Hearadh

  • Air fhoillseachadh
Caoraich
Fo-thiotal an deilbh,
Tha còrr air 750 croitearan nam buill dhen NFUS.

Dh'fhosgail Aonadh Albannach nan Tuathanach - an NFUS - meur ùr anns na Hearadh.

B' e seo a' chiad mheur ùr aca bho na 1930an, agus còrr air 750 croitear a-nis nam buill den aonadh.

A thuilleadh air a bhith a' riochdachadh nam ball aca anns na h-Eileanan, tha iad cuideachd ag ràdh gum bi iad a' brosnachadh barrachd dhaoine a dhol a-steach a chroitearachd agus a dhèanamh cinnteach gun tèid taic-airgid ceart a chumail riutha.

Thuirt Ridseard MacIllinnein a tha na chroitear ann an ceann a deas na Hearadh gu bheil uallach mòr air croitearan an-dràsta às dèidh na bhòta airson an t-Aonadh Eòrpach fhàgail.

"Thàinig airgead mòr a-steach às an Roinn Eòrpa agus eadar sin 's na tha a' tachairt le comataidhean ionaltraidh, tha uallach mòr air croitearan an ceartair agus cò aig a tha fios le Brexit cò às a tha an t-airgead a' dol a thighinn?"

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh