Ceann-là airson ionadan-stiùiridh a dhùnadh

  • Air fhoillseachadh
Ionad-stìùiridhTùs an deilbh, SFRS
Fo-thiotal an deilbh,
Dùinidh ionadan Inbhir Nis agus Obar Dheathain tràth an ath-bhliadhna.

Dùinidh ionadan-stiùiridh na seirbheis-smàlaidh ann an Inbhir Nis agus ann an Obar Dheathain tràth an ath-bhliadhna 's an obair ga gluasad gu ionad ùr ann an Dùn Dè.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba nach dùin na h-ionadan ann an Inbhir Nis agus Obar Dheathain gus an tèid an luchd-obrach a thrèanadh agus gus an tèid deuchainnean a dhèanamh air na siostaman ùra aca.

Thà dùil aca gum bi sin ullamh ro dheireadh a' Mhàirt an ath-bhliadhna.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh