Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

28 An t-Iuchar 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Neach-ainmichte

Bheir Riaghaltas na h-Alba atharrachadh air sgeama an neach ainmichte mu choinneimh gach duine cloinne. Tha seo an dèidh co-dhùnadh na Prìomh Chùirt an-diugh nach eil an sgeama, mar a tha e an-dràsda, a' tighinn a-rèir laghan Eorpach mu chòirichean a' chinne daoin'. Tha sin a' ciallachadh nach tòisich an sgeama air an ath-mhìos mar a bha dùil. Tha 42 là a-nis aig Riaghaltas na h-Alba airson an sgeama atharrachadh.

Lloyds

Dh'innis Buidheann Banca Lloyds gun geàrr iad 3000 cosnadh eile agus gun dùin iad 200 meur eile ro dheireadh na bliadhna. Thuirt am banca, a bhuineas ann am pàirt dhan stàit, gu bheil dragh orra gun toir falbh às an Aonadh Eòrpach droch bhuaidh orra.

Crìonadh

Tha a' bhuidheann rannsachaidh, Institute Fraser of Allander, a' sùileachadh maille air eacomaidh na h-Alba an dèidh na bhòt 'son falbh às an EU. Tha a' bhuidheann ag ràdh gum faodadh a' mhì-chinnt tighinn gu crìonadh 'son ùine ghoirid.

EDF

Tha a h-uile coltas gun cuir a' chompanaidh chumhachd Fhrangach EDF aonta an-diugh ris a' chiad ionad niucleasach ur ann am Breatainn ann an còrr 's fichead bliadhna. Bheir e deich bliadhna togail ionad Hinkley Point ann an Somerset agus cruthaichidh e 7% den dealan a tha dhìth ann am Breatainn.

Theresa May

Tha am Prìomh Mhinistear, Theresa May, anns a' Phòlainn an-diugh 'son còmhraidhean ri Prìomh Mhinistear na dùthcha sin, Beata Szydlo. Bidh iad a' deasbad Bhreatainn a bhith a' falbh às an Aonadh Eòrpach agus dè a' bhuaidh a dh'fhaodadh sin a thoirt air faisg air 800,000 às a' Phòlainn a tha ag obair anns an Rìoghachd Aonaichte.

Tubaist

Chaidh duine a mharbhadh ann an tubaist-rathaid ann an Gallaibh. Thachair an tubaist mu leth-uair an dèidh trì sa mhadainn an-diugh beagan deas air Keiss. Tha an rathad fhathast dùinte fhad 's a tha rannsachadh a' dol air adhart.

Iasgach

Tha ball-pàrlamaid Rois, an Eilein Sgitheanaich agus Loch Abair, Iain Blackford, a' fàgail air Ministrealachd an Dìon nach do chùm iad ris na gheall iad mu raointean-iasgaich far Eilein Rònaigh anns a bheil iad a' dèanamh dheuchainnean. Thuirt Mgr Blackford gun deach innse do dh'iasgairean gun togadh an MoD casg air iasgach san sgìre air a' mhìos sa chaidh. Thuirt an MoD gun lean an casg sin timcheall air Rònaigh dhan ath-bhliadhna gus am bi an raon ùr ann an Lìghe Ratharsaigh deiseil.