Sgeama an "neach-ainmichte" ga atharrachadh
- Air fhoillseachadh

Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gun atharraich iad an sgeama fom biodh neach-ainmichte air a chomharrachadh airson gach leanaibh ann an Alba às dèidh breith nach robh e a' tighinn a rèir laghan chòirichean daonna Eòrpach.
Thug luchd-iomairt a' chùis chun na Prìomh Chùirte 's iad a' cumail a-mach nach robh e a' tighinn a rèir laghan Eòrpach air beatha teaghlaich agus prìobhaideachd.
Tha an sgeama ga chuir an sas mu-thràth ann an sgìre Chomhairle na Gàidhealtachd.
Bha Riaghaltas na h-Alba airson a leudachadh gu gach duine-cloinne fo aois 18, ann an Alba.
"Soilleireachadh"
Tha a' Phrìomh Chùirt air breith gum feum Riaghaltas na h-Alba tuilleadh soilleireachaidh a thoirt seachad air mar a thèid fiosrachadh pearsanta a roinn eadar an fheadhainn air am bi an dleastanas seo.
Tha dùil gur e tidsearan neo luchd-obrach slàinte a bhios annta anns a' chumantas.
Thuirt an Riaghaltas gun tòisich iad air an sgeama atharrachadh sa bhad, ach cha tèid a-nis a chur an sàs air feadh Alba aig deireadh an Lùnastail mar a bha dùil.