Fèis Bhelladrum air BBC ALBA

Image copyright Perou
Image caption Mairidh na fèise trì latha.

Tha Madness, The Darkness agus an Two Door Cinema Club a-measg nan còmhlan a chìthear air BBC ALBA bho Fhèis Bhelladrum a tha dol air adhart 4mh - 6mh dhen Lùnasdal.

Bidh Fiona NicChoinnich is Niall Iain Dòmhnallach a' lìbhrigeadh trì prògraman beò airson an t-sianail, a' toirt measgachadh de cheòl dhan luchd-amharc.

Seo an 13mh fèis aig oighreachd Bhelladrum faisg air a' Mhanachainn, leis a' phrìomh àrd-ùrlar am broinn a' ghàraidh Eadailtich.

Oidhche Dhiardaoin cluinnear an rapper Tiggs Da Author à ceann a deas Lunnainn a bharrachd air The Darkness.

Bidh Skipinnish, the LaFontaines, Rachel Sermannie agus Barbara Dickson a-measg na bhios air an àrd-ùrlar oidhche Haoine, agus Disathairne chìthear Breabach air an àrd-ùrlar le Wilko Johnson, Turin Brakes agus Madness.