Stephanie Inglis a' tilleadh dhachaigh
- Air fhoillseachadh
Tillidh an lùth-chleasaiche Stephanie Inglis - chun na Gàidhealtachd Dihaoine, an dèidh droch-thubaist-rathaid a dh'fhàg i ann an staid ìosail san ospadal.
Thachair an tubaist agus i a' siubhal ann am Bhietnam air an 11mh den Chèitean.
Thòisich iomairt mhòr an uairsin airson airgead a thionnal airson chosgaisean meidigeach, agus airson a tilleadh a dh'Alba.
Thachair sin san Ògmhìos, agus Dihaoine bidh i a' tilleadh dhachaigh gu Deimhidh faisg air Inbhir Nis.
Tha piseach a' tighinn air a slàinte, agus tha i ag ràdh gu bheil i airson tilleadh gu judo nuair as urrainn dhi.
Bhuannaich i bonn airgid aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis ann an Glaschu ann an 2014.
Thug i taing dhan a h-uile duine a thug cuideachadh dhi, ag ràdh nach eil fhios aice dè bhiodh air tachairt dhi às aonais na taice sin.