Bata bathair air seirbheis-aiseig Ìle

  • Air fhoillseachadh
Bàt'-aiseig ChalMac

Tha Cal Mac air bàta bathair a chur an sàs ann an oidhirp cuideachadh le trioblaidean air na seirbheisean aca a dh'Ìle.

Chan eil ach am MV Finlaggan a' frithealadh na seirbheis an-dràsta - an dèidh mar a b' fheudar an MV Hebridean Isles a thoirt far na seirbheis eadar Ceann na Creige agus Ìle Disathairne an dèidh dhi bualadh anns a' chidhe ann an Ceann na Creige.

Thathas air an soitheach a thoirt gu cala 'son obair-càraidh, a' fàgail gur i an MV Finlaggan a-mhàin a th' air a bhith air an t-slighe.

Ach bha trioblaid-teicnigeach air deic mezzanine na Finlaggan a' ciallachadh gun tàinig lùghdachadh air an àireamh chàraichean a ghabhas i. Chaidh a càradh on uair sin.

Tha Cal Mac air innse gu bheil iad air bàta bathair, an MV Red Princess, a chur air an t-seirbheis fad sia làithean airson càraichean agus làraidhean a thoirt air ais agus air adhart eadar Ceann na Creige agus Ìle.