Fuamhairean Bhàideanach gus strì a-rithist

  • Air fhoillseachadh
Ceann a' GhiuthsaichTùs an deilbh, Jennifer Jones / Geograph

Thèid nàimhdean Bhàideanach, Baile Ùr an t-Slèibh is Ceann a' Ghiuthsaich, an aghaidh a chèile uair eile Disathairne sa chuairt dheireannaich de Chupa an t-Sutharlanaich.

Coinnichidh na sgiobaidhean ann an Ceann a' Ghiuthsaich fhèin sa phrìomh fharpais aig an darna ìre den spòrs.

Tha an cupa a' toirt ri chèile cluicheadairean nas sinne a tha air na duaisean mòra a bhuannachadh roimhe, is feadhainn nas òige a tha ag amas air a dhol air adhart dhan ìre sin.

Gu h-inntinneach, tha prìomh sgiobaidhean Bhaile Ùir an t-Slèibh is Chinn a' Ghiuthsaich gu bhith nan tàmh Disathairne, a' fàgail gum bi roghainn aca an sgioba aca a neartachadh 'son a' gheama seo.

Doirbh tomhas dè thachras sa gheama, ma-thà, a tha a' tòiseachadh aig 2.30f.

Sa Phrìomh Lìog tha cothrom aig Camanachd an Òbain is Caol Bhòid a' bheàrn eatorra is Baile Ùr an t-Slèibh aig mullach na lìge a lùghdachadh.

A-mach

Tha seusan sgioba Thaigh na Bruaich air a dhol bhuaithe sa chola-deug mu dheireadh is iad air a dhol a-mach à Cupa na Camanachd is Cupa MhicAmhlaidh.

Dh'fhaodadh iad fhathast Baile Ùr an t-Slèibh a ghlacadh san lìog, ach bidh aca ri buannachadh an aghaidh Lòbhait ann an Cill Targhlain Disathairne, shaoileadh tu, ma tha cothrom dha-rìribh gu bhith aca.

Bidh sgioba an Òbain aig an taigh an aghaidh nan Sgitheanach.

Dh'fhulang na h-eileanaich buille an t-seachdain seo chaidh nuair a chaill iad ri Gleann Urchadain ann am Port Rìgh, gan cur sìos dhan darna àite bhon bhonn san lìog.

Cha bhi e dad nas fhasa dhaibh san Òban is bidh leth shùil aca cuideachd air a' gheama eile sa Phrìomh Lìog, is Gleann Urchadain a' tadhal air a' Ghearasdan.

Inntinneach

'S e là inntinneach is cudromach a bhios ann aig mullach na Lìge Nàiseanta.

Tha còig sgiobaidhean a' farpais 'son a dhol suas an-dràsta, is coinnichidh ceithir dhuibh ri chèile Disathairne.

Bidh a' Mhanachainn an aghaidh Chill Mhàillidh, is Inbhir Aora an aghaidh Ghlaschu Meadhan Earra-Ghàidheal.

Fhad 's a tha sin air fad a' dol air adhart ann an Alba, bidh sgiobaidhean Iomain Cholmcille ann an Èirinn 'son farpais na bliadhna.

Tha Eòghan Stiùbhart is Catriona Gibb air sgiobaidhean làidir a thaghadh.

'S ann ann an Indreabhán sa Ghaillimh a bhios na geamaichean is Cumann Micheál Breathnach os cionn chùisean am-bliadhna.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh