ICT a' dol gu Alloa

Chaidh ICT air adhart bho Bhuidhinn C gun chall. Image copyright SNS

Chaidh Caledonian Thistle a thaghadh air falbh an aghaidh Alloa Athletic san ath-chuairt de Chupa na Lìge.

Chrìochnaich sgioba Inbhir Nis aig mullach Buidheann C às dèidh dhaibh Obar Bhrothaig a phronnadh 7-0 Disathairne.

Dh'fhàg sin nach b'urrainn dha Dundee United an glacadh, a dh'aindeoin is gun do rinn iadsan an gnothach 2-0 air Dùn Phàrlain Didòmhnaich.

Thàinig tadhail Inbhir Nis bho King, Boden (3), Tremarco (2) is Vigurs.

Thèid ICT a-nise gu Alloa san ath-chuairt air an 9mh den Lùnasdal.

Faiceallach

Ged a bhios iad dòchasach, bidh aca a bhith car faiceallach an sin, is Alloa mar-thà air Ross County a chur a-mach às an fharpais.

Bha na tadhail a' frasadh dha County fhèin cuideachd Disathairne is iad a' soirbheachadh 7-0 an aghaidh Cove Rangers, ach bha e ro anmoch dha sgioba Jim Mhic an t-Saoir.

Bidh aire Mhic an t-Saoir a-nise air a' chiad gheama lìge den t-seusan Disathairne nuair a thig Dùn Dè gu tuath.

Tòisichidh ICT san lìog air falbh an aghaidh Phartaig.