Tagradh ùr às leth an teaghlaich Brain

Na Brains
Image caption Tha an teaghlach a-nis air am meas mar in-imrichean mì-laghail.

Tha am Ball-Pàrlamaid Iain Blackford ag iarraidh air Ministear na h-In-imreachd, Raibeart Goodwill, cead-obrach a thoirt do Ghregg agus Kathryn Brain agus leigeil leotha fuireach ann an Alba gus am faigh iad obair.

B' e meadhan-oidhche Diluain an ceann-là a bh' aig Kathryn Brain tairgse-cosnaidh fhaighinn ma bha cead gu bhith aig an teaghlach fuireach anns an dùthaich.

Tha a' chàraid a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain lem mac Lachlann, 7, a tha ga oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig.

Thàinig an teaghlach a dh'Alba ann an 2011 air bhìosa oileanaich, ach às dèidh do dh'Oifis na Dùthcha na riaghailtean atharrachadh, chan eil cead aca a-nis fuireach anns an dùthaich.

Tha Prìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, am measg na th' air taic a chur riutha nan iomairt fuireach ann an Alba.

Ged a chaidh barrachd ùine a thoirt dhaibh roimhe airson cosnadh fhaighinn tha Oifis na Dùthcha ag ràdh gum feumar na riaghailtean a leantainn.

Tha an teaghlach a-nis air am meas mar in-imrichean mì-laghail a tha a' ciallachadh gum faod iad a bhith air an cur a-mach às an dùthaich aig àm sam bith.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile