Dùil gun deach corp iasgair fhaighinn
- Published
image copyrightPolice Scotland
Tha dùil gur e corp iasgair à Inbhir Nis, a thuit dhan mhuir bho chionn ceithir mìosan, a chaidh fhaighinn mu chòig mìle fichead an iar-thuath air Arcaibh.
'S e bàt'-iasgaich a fhuair an corp madainn Disathairne.
Thuit Craig Reid, a bha 25, dhan mhuir air an 18mh là dhen Ghiblean bhon bàta an Apollo.
Ged nach deach aithneachadh oifigeil a dhèanamh fhathast, chaidh fios a chuir gu theaghlach.
Bha heileacoptairean teasairginn agus plèana bho Chabhlachd nan Stàitean Aonaichte, a bha a' gabhail pàirt ann an eacarsaich trèanaidh faisg air làimh, an sàs anns an iomairt-theasairginn às dèidh na tubaist.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 20 An Giblean 2016
- Published
- 19 An Giblean 2016