Spadadh nan gèadh

  • Air fhoillseachadh
Geòidh
Fo-thiotal an deilbh,
'S e seo an treas bliadhna dhen sgeama-spadaidh ann an Leòdhas 's na Hearadh

Tòisichidh spadadh nan gèadh ann an Leòdhas 's na Hearadh às ùr Diluain.

'S e seo an treas bliadhna de sgeama-spadaidh a tha a' feuchainn ri smachd fhaighinn air àireamh nan eun.

'S e buidheann ionadail a tha a' ruith an sgeama, le taic bho Dhualchas Nàdair na h-Alba.

Tha mòran ghearainean air a bhith ann mun chall a tha na geòidh a' dèanamh air talamh àitich.

Faodaidh daoine aig a bheil cead-losgaidh na h-eòin a mharbhadh suas gu deireadh an Lùnasdail nuair a thèid measadh a dhèanamh air an sgeama.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh