Uidheaman-foill ann am Malaig
- Air fhoillseachadh
Sgaoil na poilis rabhadh às dèidh mar a chaidh uidheaman-foill a lorg air dà inneal ATM ann am Malaig.
Chaidh na h-uidheaman a lorg air innealan-airgid le Banca Rìoghail na h-Alba agus Banca na h-Alba.
Leigidh iad le eucoirich fiosrachadh a chlàradh bho chàirtean an fheadhainn a chleachdas iad.
Tha na poilis air moladh do dhaoine a chleachd na h-innealan às dèidh 08:00 Dihaoine sùil a thoirt air a' chunntas banca aca gun fhios nach deach airgead a ghoid.