Rabhadh mu phinn leusair

  • Air fhoillseachadh

Tha oifigearan aig Ùghdarras Chaladh Chrombaidh air bruidhinn a-mach mu na cunnartan a tha an lùib phinn leusair.

Bha neach a tha ag obair dhaibh feumach air cùram meidigeach às dèidh do ghath bho pheann leusair a dhol na shùilean.

Chaidh pinn leusair fheuchainn air bàtaichean anns an sgìre còig tursan thairis air na beagan mhìosan a dh'fhalbh.

Tha dùil gun robh na gathan a' tighinn bho sgìre bhaile Chrombaidh.

Thuirt am Maighstir Caladh, Torcuil MacLeòid, gun robh pinn leusair nan trioblaid mhòr, agus gur e cunnart slàinte is sàbhailteachd a th' annta.