Leabhar ùr mu strì Rèineagadail

Coinneach MacAoidh Image copyright Katie Laing
Image caption Tha Mgr MacAoidh a' dèanamh dheth nach biodh duine air fhàgail anns a' bhaile mura b' e gun deach an rathad a thogail

Bha e gu mòr an sàs san iomairt bàile àraich a chumail beò agus tha e a-nis air leabhar a sgrìobhadh mun iomairt sin agus mu eachdraidh an àite.

Thogadh Coinneach MacAoidh ann an Rèineagadail air taobh sear na Hearadh - baile a bh' air a ghearradh dheth bhon chòrr dhen eilean gus an do shoirbhich le strì gus rathad ceart a thogail ann.

Thòisich strì airson an rathaid às dèidh a' chiad chogaidh - ach 's e na chosgadh an rathad, airson sluagh cho beag, a dh'fhàg nach deach leotha aig an àm sin.

Chaidh Mgr MacAoidh fhèin an lùib na h-iomairt ann an 1975.

Mu dheireadh thall, às dèidh strì a ràinig àirde anns na 80an, dh'fhosgail an rathad ann an 1990, aig cosgais de £1.5m.

Tha Mgr MacAoidh ag ràdh gum b' fhiach an t-strì a rinn e airson daoine a chumail anns a' bhaile.

"Bhithinn airson dà thaigh eile - co-dhiù - fhaicinn anns a' bhaile. Bha còig deug a theaghlaichean ann an seo an uair sin agus chan eil ann ach glè bheag an-diugh an taca ris an sin agus tha e gu math nas fhasa taighean a thogail anns a' bhaile an-diugh.

"Àite brèagha 's àite a tha mi glè chinnteach a chòrdadh ri daoine nam biodh taigh neo dhà eile air a thogail ann."

"Mura b' e an rathad cha bhiodh iad idir ann ... cha bhiodh duine an seo."

Tha an leabhar, "Rhenigidale: A Community's Fight for Survival", air fhoillseachadh le Acair.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile