Beachd ga shireadh air foghlam Gàidhlig

suaidhcheantas
Image caption Feumaidh beachdan a bhith staigh ro 1mh Samhain 2016.

Thòisich Bòrd na Gàidhlig cò-chomhairleachadh foirmeil Diluain air an Stiùireadh Reachdail airson Foghlam Gàidhlig anns na bliadhnaichean a tha romhain.

Thèid seo air adhart eadar 1mh Lùnastal is 1mh Samhain agus tha am Bòrd a' brosnachadh duine no buidhean sam bith, le ùidh ann am foghlam Gàidhlig, bho air feadh Alba, beachdan a chur a-steach.

Tha an Stiùireadh Reachdail na phàirt de dh'Achd an Fhoghlaim (Alba) 2016 ris an deach aontachadh na bu thràithe am-bhliadhna.

Dleastanas

Thuirt Ceannard Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllInnein: "Tha seo a' fàgail dleastanas ùr agus cudromach air Bòrd na Gàidhlig agus tha sinn air a bhith ag ullachadh air a shon airson deagh ghreis.

"Tha sinn an dòchas gum faighear beachdan air an dreach seo den Stiùireadh bho thaghadh farsaing de dhaoine 's bhuidhnean, oir bidh an Stiùireadh cuideachd a' cur gu mòr ris na h-earrainnean den Phlana Cànain Nàiseanta Gàidhlig airson 2017-22 a bhoinneas ri foghlam.

Tha sinn a' brosnachadh a h-uile duine le ùidh ann am foghlam Gàidhlig, agus gu dearbh sa Ghàidhlig fhèin, a chur ris a' cho-chomhairleachadh seo", thuirt i.

Foghlam Gàidhlig Deatamach

Thuirt an Leas Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire a' Chaibineit airson Foghlam 's Sgilean, Iain Swinney: "Tha foghlam Gàidhlig deatamach do dh'amas Riaghaltas na h-Alba gus an àireamh dhaoine a tha a' cleachdadh na Gàidhlig a chur an àrd, agus tha e riatanach gum bi stiùireadh soilleir ann do dhaoine a tha an-sàs ann am foghlam Gàidhlig gus dèanamh cinnteach gum bi fios aig luchd-solair, luchd-ionnsachaidh, luchd-cùraim agus luchd-foghlaim air dè bu chòir dhaibh a bhith sùileachadh san raon sin.

"Tha an t-iarrtas airson foghlam Gàidhlig a' dol am meud air feadh Alba, agus gus frithealadh air sin, tha sinn air trì cumhachdan Gàidhlig a thoirt a-steach ann an Achd an Fhoghlaim agus 'se an Stiùireadh Reachdail seo a' chiad fhear dhiubh sin a thèid a chur an gnìomh", thuirt e.

Clach-mhìle

Thuirt Cathraiche na Buidhne-obrach a dhealbh an dreach den Stiùireadh Reachdail, Brus Robasdan: "Tha sinn a-nis ann an suidheachadh far am faod sinn beachdan foirmeil iarraidh bho dhaoine air a' phàipear a bhios na chlach-mhìle fìor chudromach do dh'fhoghlam Gàidhlig nuair a thèid a chur an sàs.

"Tha e a' dèanamh soilleir dè bu chòir do phàrantan is luchd-cùraim a bhith sùileachadh agus tha e a' cur dleastanasan nan Ùghdarrasan Ionadail an cèil gu foirmeil.

"Tha e cuideachd a' sealltainn gu soilleir dè bu chòir dhuinn a bhith sùileachadh a thaobh grunn raointean de dh'fhoghlam na Gàidhlig, bho ìre nan tràth-bhliadhnaichean gu ìre na h-àrd-sgoile".

Tha riochdairean air a' bhuidhinn-obrach bho Ùghdarrasan Ionadail, COSLA, Foghlam Alba, Riaghaltas na h-Alba agus Bòrd na Gàidhlig.

Aon uair 's gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air beachdan an luchd-fhreagairt, cuiridh Bòrd na Gàidhlig crìoch air an Stiùireadh agus bheir iad comhairle do Mhinistearan na h-Alba air mar a thèid a chur an gnìomh.

Faodar pàirt a ghabhail sa chò-chomhairleachadh le bhith tadhal air làrach-lìn Bhòrd na Gàidhlig agus thèid gabhail ri freagairtean tron phost no air-loidhne.