Coinneamh mu sheirbheis aiseig Shlèite

An MV Coir' Uisg'
Image caption Tha mì-thoileachas mòr ann an Slèite gun deach an MV Coir' Uisg' a thoirt air falbh.

Coinnichidh riochdairean bho Chòmhdhail na h-Alba ri muinntir Shlèite Diciadain a bhruidhinn mun t-seirbheis aiseig eadar Malaig agus Armadal.

Tha mì-thoileachas mòr anns an sgìre bho chaidh am bàt'-aiseig an MV Coir' Uisg', a chaidh a dhealbh a dh'aona-ghnothaich airson na slighe, a thoirt air falbh le trì soithichean eile gan cur na h-àite.

Tha Fòram Còmhdhail Shlèite ag ràdh nach eil na h-aiseagan sin freagarrach airson na slighe 's mòran sheòlaidhean gan cur dheth.

Dhearbh Cal Mac nach bi am bàta a' tilleadh dhan t-seirbhis eadar Malaig agus Armadal air an t-Samhradh seo.

Gealltanas

Thuirt Boyd Robasdan bho Fhòram Còmhdhail Shlèite gum bi iad a' sireadh gealltanais nach èirich an aon shuidheachadh a-rithist an ath-bhliadhna 's iad an dòchas gun till an Coir' Uisg' chun na seirbheis.

Tha iad cuideachd ag iarraidh barrachd sheirbheisean eadar an dà phort air clàr-ama a' Gheamhraidh nuair a bhios an MV Loch Nevis a' frithealadh na slighe.

Bidh Ball-Pàrlamaid na sgìre, Iain Blackford, agus am Ball-Pàrlamaid Albannach Ceit Fhoirbeis cuideachd aig a' choinneimh Diciadain, agus ged nach bi riochdaire ann bho Chaledonian Mac a' Bhriuthainn, thathas an dòchas coinneachadh riutha-san a-rithist.

"Tha sinn an dòchas eadar an dà choinneimh sin gun tig fuasgladh air na gnothaichean a th' air a bhith a' dol ceàrr am-bliadhna agus gum faigh sinn gealladh nach tachair an leithid an ath-bhliadhna," thuirt Mgr Robasdan.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile