"Còirichean nas làidire" air fàire

A' Ghàidhlig

Bidh còirichean nas làidire aig pàrantan air foghlam Gàidhlig dhan cuid chloinne tràth an ath-bhliadhna.

Sin a rèir Bhòrd na Gàidhlig, is iad air co-chomhairle a thòiseachadh air an stiùireadh reachdail a thèid gu ùghdarrasan ionadail a thaobh Gàidhlig ann an achd ùr an fhoghlaim.

Tha iad ag iarraidh bheachdan air dè dìreach a bu chòir a bhith an lùib an stiùiridh, is an achd ùr a' cur dleastanas a bharrachd air comhairlean a thaobh na Gàidhlig.

"'S e stiùireadh reachdail airson foghlaim Ghàidhlig a tha sinn a' dèanamh," thuirt Ceannard a' Bhùird, Shona NicIllInnein.

Dleastanas

"Tha sinn a' sireadh bheachdan bho dhuine sam bith air an stiùireadh seo, ach tha e a' ciallachadh dhuinne aig Bòrd na Gàidhlig gu bheil cothrom nas làidire aig pàrantan no duine sam bith aig a bheil ùidh sa Ghàidhlig a bhith a' faighinn cothrom sin fhaighinn airson na cloinne aca.

"So tha e fìor-chudromach dhuinn, gu h-àraidh a thaobh fàs àireamhan luchd-labhairt na Gàidhlig.

"Bidh cothrom aig pàrantan, daoine sa choimhearsnachd, ùghdarrasan poblach, no tidsearan - duine sam bith mar sin - beachdachadh air an stiùireadh seo, is nuair a bhios e air a chur ann an gnìomh, bidh e a' neartachadh, tha mi a' smaoineachadh, nan còirichean aig daoine airson foghlaim Ghàidhlig.

"Aig deireadh nan trì mìosan bidh Bòrd na Gàidhlig a' cruinneachadh na fianais a fhuair sinn tron cho-chomhairle, agus bidh sinn a' cur molaidh air adhart chun a' bhùird againn, agus ma bhios am bòrd a' gabhail ris a' mholadh sin, thèid e an uair sin gu ministearan Riaghaltas na h-Alba.

"Ma tha iadsan riaraichte leis, thèid a chur an gnìomh.

"Tha sinn an dùil, bhon Ghearran an ath-bhliadhna, gum bi a' chòir seo aig pàrantan.

"Bidh e a' ciallachadh dha na h-ùghdarrasan poblach gum bi dleastanas orra a bhith a' cur freagairt gu pàrantan a tha a' sireadh foghlaim tro mheadhan na Gàidhlig airson na cloinne aca.

"Cuideachd bidh dleastanas orra a bhith a' brosnachadh agus a' cur taic ri foghlam Gàidhlig, agus tha sin gu math cudromach dhuinn.

"Agus cuideachd bidh e a' toirt slighe dhaibh, agus pròiseas soilleir airson dèiligeadh ri iarrtas sam bith a tha iad a' faighinn tron achd seo," thuirt i.

Coimhearsnachdan

Thuirt a' Bh.Ph. NicIllInnein cuideachd gu bheileas a' sireadh bheachdan bho choimhearsnachdan far a bheil a' Ghàidhlig fhathast ga bruidhinn.

"Tha na coimhearsnachdan cho cudromach airson taic a chur ri duine sam bith a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig ge b' i dè an aois a tha iad," thuirt i.

"Tha sinn a' smaoineachadh mu dheidhinn foghlaim fad beatha, mu dheidhinn tràth-bhliadhnaichean, agus tachartasan taobh a-muigh nan sgoiltean cuideachd, agus tha àite aig na coimhearsnachdan airson taic a chur ri seo.

"Tha sinn ag ullachadh an treasaimh plana cànain nàiseanta an-dràsta, agus tha dà shreath gu h-àraidh uabhasach cudromach ann, mar a bha anns na planaichean a th' air a bhith againn, agus 's iad sin foghlam agus coimhearsnachd, oir cha bhi foghlam soirbheachail, tha sinn a' smaoineachadh, mura h-eil coimhearsnachd làidir is taiceil.

"So tha sinn a' sireadh bheachdan bho na coimhearsnachdan cuideachd air an stiùireadh seo, agus ciamar a bhios iadan a' cur taic ris na sgoilearan agus na daoine òga anns an sgìre aca, agus cuideachd na h-inbhich a tha ag ionnsachadh na Gàidhlig," thuirt i.

Tha am Bòrd an dùil a' Ghàidhlig a sgaoileadh mar chuspair gu barrachd sgoiltean air feadh na h-Alba, far nach eil foghlam Gàidhlig ri fhaighinn an-dràsta.

"Tha trì puingean ann, tha mi a' smaoineachadh, mu dheidhinn sgoiltean far nach eil aonad Gàidhlig, no nach e sgoil Ghàidhlig a th' ann," thuirt i.

"Tha cothrom aig sgoilearan a bhith ag ionnsachadh dàrna cànain, agus tha sinn an dòchas gum bi tòrr sgoiltean a' cleachdadh na Gàidhlig mar an dàrna cànan.

"Agus mar sin bidh cothrom aig sgoilearan a bhith a' fàs eòlach air a' chànan, a bhith a' togail ùidh sa chànan, agus mar a tha iad a' fàs nas sine, gum bi iad a' fàs fileanta sa chànan.

"Agus le sin gum bi àireamhan luchd-labhairt a' fàs gu mòr ann an Alba," thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo