Cobhair air boireannach an Leòdhas

  • Air fhoillseachadh

Chaidh sgiobannan Mhaor-Cladaich a ghairm gu Tràigh Dhail Mhòir ann an Leòdhas feasgar Diluain, às dèidh fios mu bhoireannach a bha a' snàmh agus ann an duilgheadas.

Bha heileacoptair agus sgiobannan teasairginn Bhreascleit, Bhràgair is Steòrnabhaigh air an gairm chun na làraich.

Bha am boireannach air faighinn air ais gu tìr nuair a nochd iad, ach chaidh a toirt dhan ospadal 'son sgrùdaidh mheidigich.

Thug na h-ùghdarrasan rabhadh do dhaoine a bhith faiceallach mun tìde-mhara mus tèid iad a shnàmh sa mhuir.