Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

"Scottish Six"

Thuirt Comataidh Thaghte a' Chultair, nam Meadhanan agus Spòrs aig Westminster gum bu chòir dhan BhBC a dhol air adhart le Scottish Six - prògram naidheachd aig 6:00f air ullachadh agus a chraoladh an Alba le measgachadh de naidheachdan Albannach, na Rìoghachd Aonaichte agus eadar-nàiseanta. Thuirt fear-labhairt dhan BhBC ann an Alba gu bheil iad a' dèanamh ath-sgrùdaidh air seirbheisean naidheachd an-dràsta, agus iad ag amas air an t-seirbheis as fheàrr as urrainn a thoirt seachad.

Coimiseanair

'S e Coimiseanair Eòrpach ùr na Rìoghachd Aonaichte a bhios os cionn na strì an aghaidh ceannairc agus eucoir. Thabhainn Jean-Claude Junker, Ceann-Suidhe a' Choimisein Eòrpaich, an dreuchd anns a' mhadainn an-diugh air Sir Julian King, a tha an-dràsta os cionn Ambasaid Bhreatainn ann am Paris. Feumaidh Pàrlamaid na h-Eòrpa a-niste aonta a chur ri sin.

Trèanaichean

Tha an t-aonadh RMT a' meòrachadh an-dràsta air tairgse airson cur às dhan deasbad mu dhleastanas luchd-obrach air na trèanaichean a th' air tighinn gu stailcean bho chionn ghoirid. Tha Scotrail a' moladh a-niste na conductors a chumail air na trèanaichean ùra dealain a thòisicheas an ath-bhliadhna.

Aiseag Shlèite

Coinnichidh riochdairean bho Chòmhdhail Alba ri muinntir Shlèite a-màireach mun t-seirbheis aiseig eadar Malaig is Armadal. Tha mì-thoileachas mòr anns an sgìre sin bho chaidh am bàt-aiseig an Coir' Uisg', a chaidh a thogail a dh'aona-ghnothaich airson na seirbheis, a ghluasad gu seirbheis eile. Thuirt Cal Mac nach bi an Coir' Uisg' a' tilleadh dhan t-seirbheis sin eadar Malaig is Armadal air an t-Samhradh seo. Tha muinntir Shlèite ag iarraidh gealltannais cuideachd ge-tà, mu chlàr-ama a' Gheamhraidh.

Aiseagan nan Eileanan a Tuath

Tha e air tighinn am follais, 's chaidh a dhearbhadh, nach bi àrdachadh air faraidhean aiseig a dh'Arcaibh is Sealtainn an ath-bhliadhna. Seo an dàrna bliadhna ann an sreath anns an deach na faraidhean san sgìre sin fhàgail gun atharrachadh.

Còirichean Foghlaim

Thuirt Bòrd na Gàidhlig gum bi còirichean nas làidire aig pàrantan air foghlam Gàidhlig bhon ath-bhliadhna. Tha a' bhuidheann air co-chomhairleachadh a thòiseachadh a thaobh stiùireadh a thèid gu comhairlean ionadail a thaobh Gàidhlig ann an achd ùr an fhoghlaim. Tha an achd ùr sin a' cur dleastanas a bharrachd air comhairlean a thaobh na Gàidhlig.