Dithis air an goirteachadh is plèana air tighinn a-nuas

Chaidh dithis a ghoirteachadh ann an tubaist le itealan aotrom ann an Earra-Ghàidheal.

Thàinig am plèana a-nuas air Beinn Labhra, faisg air Mèadarloch, tuath air an Òban, goirid an dèidh 11:00m.

Chaidh heileacoptairean nam Maor-Cladaich à Preastabhaig agus Inbhir Nis a chur a dh'ionnsaigh na làraich.

Chaidh an dithis a thogail chun an ospadail ann am Pàislig 's ann an Glaschu.

Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich gun d' fhuair iad fios mun tubaist aig 11:07m, ach bha sin ag innse gun robh am plèana air tighinn a-nuas 35 mìle air falbh bho làrach na tubaiste.

An dèidh dhaibh fios fhaighinn mun làraich eile, chuireadh dà heileacoptair a dh'ionnsaigh nan làraichean sa bhad.

Chuireadh heileacoptair às Inbhir Nis a chur dhan Bheinn Mhòir, agus fear à Preastabhaig a Bheinn Labhra, far an deach am plèana a lorg air cliathaich na beinne.

Ràinig heileacoptair Inbhir Nis an làrach mu 15 mionaidean às dèidh sin.