Dithis gus nochdadh sa chùirt
- Air fhoillseachadh
Tha dùil gun nochd dithis anns a' chùirt ann an Inbhir Nis às dèidh sèist aig taigh sa bhaile a mhair sia uairean de thìde.
Chaidh oifigearan poilis a ghairm chun an tachartais aig Bruce Gardens feasgar Diluain, agus tha e air a thuigsinn gun deach sgioba de phoilis aimhreit a thoirt a steach bho Obar Dheadhain.
Bha luchd-smàlaidh agus carabadan eiridinn cuideachd an làthair.
Tha dùil gun nochd boireannach, 34, sa chùirt feasgar Dimàirt, le fireannach, 31, a' nochdadh Diciadain.
Thuirt na Poilis gu bheil an rannsachadh aca a' leantainn.