Rannsachadh mu thubaist phlèana
- Published
Tha rannsachadh air tòiseachadh feuch dè dh'adhbhraich tubaist phlèana faisg air an Òban Dimàirt.
Chaidh dithis a bha air bòrd a thoirt dhan ospadal.
Thàinig am plèana, a tha clàraichte sa Ghearmailt, a-nuas aig Loch nan Eala faisg air Meadarloch goirid ro 11:00m.
Bha am plèana dìreach air Muile fhàgail agus bha dùil rithe aig Port-adhair an Òbain airson connaidh mus rachadh i an uairsin a Bharraigh.
Bha boireannach is fireannach air bòrd.
Chaidh an toirt le heileacoptair dhan ospadal ann an Glaschu 's coltas ann nach eil iad ann an cunnart am beatha.
Tha luchd-rannsachaidh air tòiseachadh air an làrach a sgrùdadh feuch dè dh'adhbhraich an tubaist.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Published
- 2 An Lùnastal 2016