Stòras "fhathast dòchasach"

Tràigh Aisgernis Image copyright Catherine Morgan/Geograph

Tha Stòras Uibhist fhathast an dòchas gun tèid oifisean Coimisein ùir an Fhearainn a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas.

Fhuair fear de Bhuill-Phàrlamaid na Gàidhealtachd, Dàibhidh Stiùbhairt, freagairt Dimàirt bho Rùnaire na h-Àrainneachd, Roseanna Choineagan, a thuirt gu bheil an Riaghaltas an-dràsta a' coimhead air an oifis ùr a stèidheachadh air làraich a bhuineas dhan Riaghaltas.

"A rèir poileasaidh stèidhichte an Riaghaltais Albannaich, agus mar a chaidh a mhìneachadh anns a' Mheòrachan Ionmhais a thàinig an cois Bile Ath-Leasachaidh an Fhearainn (Alba) nuair a chaidh fhoillseachadh, tha sinn a' beachdachadh air roghainnean a th' againn an Coimisean a stèidheachadh am broinn Oighreachd Riaghaltas na h-Alba fhèin," thuirt Roseanna Choineagan.

"Tha a bhith a' cur bhuidhnean poblach anns an aon àite ga dhèanamh nas fhasa luach an airgid fhaighinn, agus a' cruthachadh chothroman co-obrachaidh nas fheàrr air feadh na roinne poblaich, a thuilleadh air lùghdachadh a thoirt air truailleadh chàrboin," thuirt i.

"'S e a tha seo ach dìreach ceist a chaidh a thogail anns a' Phàrlamaid agus 's e, mar gun canadh tu, "standard reply" a tha seo. Chan e seo rud a chaidh a dheasbad no a bhruidhinn mu dheidhinn gu dlùth," thuirt Cathraiche Stòras Uibhist, Aonghas MacIlle Mhaoil.

"Gu h-àraid nuair a tha àiteachan ann an seo fhèin, ann an Uibhist, a bhuineas dhan Riaghaltas, agus nuair a choimheadas tu air a' chòrr den fhreagairt, gum biodh na h-oifisean a tha sin, nach biodh iad a' cosg tòrr airgid.

"Gus an tèid sin a dheasbad agus bruidhinn mu dheidhinn tha mi a' smaoineachadh gu bheil dùil againn fhathast nach eil seo seachad no faisg air.

"Tha oifisean a bhuineas dhan Riaghaltas ann an Uibhist, a cheart cho math 's a tha iad an Dùn Èideann, no Glaschu no an Inbhir Nis.

"An rud a tha sinne ag ràdh, 's ma tha thu a' bruidhinn mu dheidhinn luach an airgid, rud eile a tha i ag ràdh (san fhreagairt) gun deadh againn air sin a dhèanamh nas fheàrr, agus nach biodh e cho cosgail agus a bhiodh e oifisean a chur air bhonn ann an Dùn Èideann no Inbhir Nis no anns na bailtean mòra, 's e sin a tha sinne ag ràdh.

"Ma choimheadas tu air an dàrna pàirt den fhreagairt a fhuair sinn, 's e sin, chan eil iad airson tòrr mòr airgid a chosg air seo.

"Tha e cus nas fhasa dhuinne oifisean a thoirt seachad aig prìs a tha coltach, seach na prìsean a tha daoine a' pàigheadh anns na bailtean mòra," thuirt e.