Tòiseachadh air mèinnearachd òir
- Air fhoillseachadh

Tòisichidh obair Diciadain faisg air Taigh an Droma ann an Siorrachd Shruighlea airson òr a thoirt às an talamh gu coimearsalta.
Is e seo a' chiad àite far an tachair sin ann an Alba.
Thòisich a' chompanaidh ScotGold, a bhuineas do dh'Astràilia, mèinne òir ann an Gleann Chonnanais ann an 2012.
Thug iad 7,000 tunna de chreagan chun an uachdair thuige seo.
Tòisichidh seòmar deuchainn a bhios a' ruith fad beagan mhìosan an toiseach, feuch tomhas a dhèanamh air càilleachd an òir.
Tha a' chompaniadh an dòchas air a' cheann thall gum bi sia tunna de dh'òr air a thoirt a-mach às a' chreig a thugadh chun an uachdair - luach mu £200m an-dràsta.
Tha cothrom ann a' mheadailt airgead, a thuilleadh air òr, a thoirt às a chreig cuideachd.
Tha eachdraidh de mhèinnearachd anns an sgìre.
Thòisich a' chiad mhèinn anns an sgìre, a bha a' toirt a-mach airgid, ann an 1424, leis an airgead a' dol dhan Chiad Rìgh Seumas.
Chaidh an uair sin mèinne luaidhe a stèidheachadh ann, agus anns an 18mh Linn chaidh leaghadair a thogail le Companaidh Mhèinnean na h-Alba.
Thog Ùghdarras Pàirce Nàiseanta Loch Laomainn agus nan Tròisichean draghan mun leasachadh as ùire. Tha a' mhèinn dìreach air oir na pàirce.
Thàinig an t-Ùghdarras agus a' chompanaidh gu aonta an dèidh strì laghail.
B' fheudar don chompanaidh bannan luach £1.3m fhaotainn gus an àrainneachd a chur air ais mar a bha i air a' cheann thall, agus gus dèiligeadh ri sgudal sam bith a thèid fhàgail.
Bha aca cuideachd ri còrr is £300,000 a chur ri pròiseact glèidhteachais ann an àite eile sa Phàirce Nàiseanta.