Iris ùr a' sireadh sgrìobhaidh Ghàidhlig
- Air fhoillseachadh

Tha iris litreachais Albannach ùr a' sireadh phìosan sa Ghàidhlig, a thèid fhoillseachadh air-loidhne agus ann an clò.
'S e 404 Ink an t-ainm a th' air, is tha iad ag amas air sgeulachdan goirid, bardachd, agus fiù 's comaigean ann an Gàidhlig neo ann am Beurla, uile fon chuspair "mearachd", 'son na ciad iris.
"'S e foillseachadh ùr a th' ann," thuirt Catriona Tinney, a tha an sàs sa phròiseact.
"Tha sinn a' coimhead air dòighean ùra foillseachaidh ann an Alba, agus le sin tha sinn a' sireadh tagraidhean airson pìosan sgrìobhaidh Ghàidhlig ùra airson sgeulachdan goirid, bàrdachd, pìosan sgrìobhaidh neo-fhicsean agus cuideachd comaigean.
Teachdaireachd Mearachd
"'S e iris gu math farsainn a tha gu bhith ann, agus tha mi a' smaointinn gu bheil rùm ann airson pìosan sgrìobhaidh ùra.
"Tha gu leòr dhaoine le comas sgrìobhaidh ann agus le sgeulachdan annta nach eil ri sgrìobhadh.
"Tha sinn a' feuchainn ris na daoine sin a tharraing a-mach.
"Cuideachd, leis gu bheil an iris seo gu bhith cho farsainn, tha sinn an dùil gun ruig sinn luchd-leughaidh ùr air feadh an t-saoghail, agus 's e cothrom math dha daoine eile beagan eòlais fhaighinn air a' Ghàidhlig, agus cothrom math Gàidhlig a leughadh 's fhaicinn ann an clò.
"Tha an cuspair, "mearachd" co-cheangailte ris an ainm - 404 Ink. Tha mi cinnteach gu bheil daoine eòlach air an "teachdaireachd mhearachd" a tha a' tighinn suas air an eadar-lìon, agus 's e sin an t-adhbhar a tha sinn airson a chleachdadh.
"Ma thèid duine dhan làrach-lìn againn, tha am fiosrachadh uile an sin. Tha an ceann-là a' tighinn suas an ceann trì seachdainnean, Diciadain an 24mh den Lùnastal, agus tha sinn an dùil gun tèid a' chiad iris fhoillseachadh san t-Samhain," thurt i.
Carson a cho-dhùin iad an iris a chur a-mach ann an clò a thuilleadh air air-loidhne ge-tà?
"Tha mi a' smaointinn gu bheil e fhathast cudromach pìosan sgrìobhaidh agus sgeulachdan fhoillseachadh ann an clò," thuirt Catriona.
"Bhon, ged a tha tòrr dhaoine a-niste a' leughadh air-loidhne, agus air leabhraichean-d agus dòighean didseatach mar sin, tha daoine a fhathast a' leughadh stuth a th' air a bhith air a chlò-bhualadh ceart cuideachd.
"Tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach gum faigh a h-uile duine cothrom a leughadh," thuirt i.