"Feumaidh na Brainich Breatainn fhàgail"

  • Air fhoillseachadh
Gregg, Lachlann agus Kathryn Brain

Thuirt Ministear an In-imreachais gum bruidhinn oifigich ri teaghlach Astràilianach a tha a' fuireach air Ghàidhealtachd, a dheasbad iad a bhith a' fàgail Bhreatainn gu saor-thoileach.

Thàinig Kathryn Brain, an duine aice Gregg, agus am mac a tha a' fuireach ann an Inbhir Pheofharain, a dh'Alba air bhìosa oileanach bho chionn còig bliadhna, ach tha na riaghailtean fo am faod iad fuireach air atharrachadh on uair sin.

Tha am mac, Lachlann, ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

A rèir Raibeirt Goodwill, chan eil dòigh ann a ghabhas na riaghailtean seachnadh, agus gum feum an teaghlach an dùthaich fhàgail.

Thuirt Gregg Brain Diciadain gu bheil dòchas ann dhaibh fhathast, agus gu bheil iad a' gabhail comhairle laghail.