Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

3 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cumhachd

Thuirt riaghladair a' chumhachd, Ofgem, gun cuir iad smachd - bhon Ghiblean an ath-bhliadhna - air na chosgas cumhachd do luchd-cleachdaidh a tha a' pàigheadh air a shon ro làimhe. Seo pàirt den phlana a dh'fhoillsich Ofgem an-diugh 'son gas agus dealain nas saoire an dèidh do dh'Ùghdarras na Farpais agus Margaidh a dhol an sàs sa chùis.

Crìochan Bhreatainn

Tha Comataidh Chùisean na Dùthcha ann an Taigh nan Cumantan ag ràdh nach eil bàtaichean gu leòr aig Buidheann Crìche Bhreatainn 'son smachd cheart a chumail air cladaichean na dùthcha. Tha a' chomataidh ag ràdh gu bheil luchd-imrich a' tighinn air tìr gu mì-laghail aig puirt bheaga agus ann an sgìrean iomallach, agus gum bu chòir soithichean a' Chabhlaich Rìoghail fhastadh airson cùisean a theannachadh.

Poilis

Tha Poilis a' Metropolitan a' cur tuilleadh oifigearan le gunnaichean air sràidean Lunnain an dèidh ionnsaighean anns an Fhraing agus anns a' Ghearmailt bho chionn ghoirid. Thuirt am Mear, Sadiq Khan, gun toir sin misneachd do mhuinntir Lunnainn agus gun cuir e tilleadh air feadhainn a dh'fhaodadh ionnsaigh a thoirt air a' bhaile.

Stailc

Tha coltas ann, an dèidh do chòmhraidhean tuiteam as a' chèile, gun tèid stailc luchd-obrach na h-ola sa Chuan a' Tuath air adhart a-màireach. Tha feadhainn a tha ag obair dhan Wood Group ag ullachadh 'son stailc fad dà là agus iad a' gearain air pàigheadh agus cùmhnantan obrach ùra.

Trèanaichean

Tha riochdairean an aonaidh RMT a' coinneachadh an Glaschu an-diugh agus ScotRail a' tabhann aonta ùr orra mu na trèanaichean air am bi an dràibhear a' fosgladh agus a' dùnadh nan dorsan. Tha còig stailean eile san amharc air a' mhìos seo. Thuirt Scotrail ge-tà gu bheil iad nas dòchasaiche an dèidh nan còmhraidhean mu dheireadh ris an RMT.

Poblachdaich

Tha connspaid 's fhìor a dhol air adhart ann am Pàrtaidh nam Poblachdach anns na Stàitean Aonaichte agus Dòmhnall Trump, a tha a' seasamh dhaibh ann an taghadh a' chinn-suidhe, a' diùltadh taic do dh'fheadhainn nach tug taic dha-san. Thuirt Mgr Trump nach eil e deònach aonta a thoirt do Labhraiche Thaigh nan Riochdairean, Pòl Ryan, neo dhan t-seanadair John McCain, a tha a' sireadh an taghadh an rithist.

Coimisean an Fhearainn

Tha Stòras Uibhist fhathast an dòchas gun tèid oifisean Choimisean ùr an Fhearainn a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas. Tha sin a dh'aindeoin agus gun tuirt Riaghaltas na h-Alba an-dè gu bheil iad, aig an ìre seo co-dhiù, a'coimhead ri làrach a bhoineas dhaibh fèin.