Ofcom 'son piseach a thoirt air siognal fòn-làimhe

  • Air fhoillseachadh
Fòn-làimhe

Thuirt riaghladair a' chonaltraidh, Ofcom, gu bheil iad mothachail gu bheil mòran a tha a' fuireach ann an sgìrean dùthchail ann an Alba mì-thoilichte le tarraing fòn-làimhe.

Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil obair a' leantainn gus piseach a thoirt air an t-suidheachadh.

Tha aithisg ùr Ofcom ag ràdh gu bheil a' mhòr-chuid de dhaoine ann an Alba riaraichte leis na seirbheisean fòn is bann-leathainn a tha iad a' faighinn.

Thuirt iad gu bheil sgeamaichean a' dol ge-tà, gus piseach a thoirt air tarraing a' fòn-làimhe ann an sgìrean dùthchail, far am bi an siognal gu tric lag, is gum beachdaich iad fhèin a dhol an sàs gus an gnothach a leasachadh

Thog an aithisg cuideachd air mar a tha cuid de dhaoine air am beò-ghlacadh leis an eadar-lìon, le còrr is an dàrna leth ag ràdh gum bi iad a' cur seachad barrachd ùine air-loidhne na bha dùil aca gum biodh iad.

Dh'aidich cairteal de dhaoine gun do chuir iad cùl ris an eadar-lìon buileach 'son treis, leis gun robh iad ag aithneachadh gun robh iad air cus.