"Cùis nàire" bhanca san Ath Leathann
- Air fhoillseachadh
'S e cùis nàire a th' ann gu bheil Banca na h-Alba a' dùnadh a' bhanca aca san Ath Leathann, a rèir fhir de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich.
Tha an Comh. Hamish Friseal am beachd litir a chur a dh'ionnsaigh a' bhanca feuch carson a tha iad a' dùnadh 23 bancaichean air Ghàidhealtachd.
Tha Banca na h-Alba fhèin ag ràdh gu bheil nas lugha dhaoine a' dol a-steach dhan na bancaichean agus gu bheil seirbheis ri fhaotainn air-loidhne.
"'S e cùis-nàire a th' ann, dhomhsa, agus tha mi a' deagh-chreidsinn gu bheil e a' cur uallaich mhòir agus caothaich mhòir air mòran dhaoine a tha a' cur feum air a' bhanca a tha sin anns an Ath Leathann, agus a tha o chionn ghinealaichean," thuirt Mgr Friseal.
"'S e obair a tha seo nach eil sinn a' faicinn tùr sam bith ann.
"Ma chuireas tu an t-àm a tha am banca fosgailte sìos gu dà là, bithidh nas lugha 's nas lugha a' dol a-steach an doras seachad air seachdain.
"Ach na làithean a bha e fosgailte, tha mise a' tuigsinn gun robh e gu math trang.
"Tha e gu math cudromach gu bheil banca sna sgìrean againne an seo, gu h-àraid as t-Samhradh nuair a tha goireasan is gnìomhachasan ag obair agus a' cur airgid a-steach dhan bhanca, agus luchd-turais cuideachd a' tighinn a-steach a choimhead airson airgid agus iomadach rud eile nach fhaigh iad anns an Ath Leathann, o chionn chan eil na seirbheisean a tha Banca na h-Alba a' toirt seachad, chan fhaigh thu aig Oifis a' Phuist e.
"Mar sin tha iomadach rud as còir dhaibh a bhith a' toirt sùil gu math mionaideach air mus gabh iad an ceum a tha seo.
"Tha mise den bheachd gum bi mi a' sgrìobhadh gu math sgiobalta gu Banca na h-Alba airson faighinn a-mach dè na planaichean a th' aca.
"Tha iad a' bruidhinn ann an litir a chuir iad a-mach dhuinne gu bheil iad a' dol a chur seirbheisean nas fheàrr an gnìomh timcheall air bancaichean siubhail, 's gum bi Oifis a' Phuist a' dèanamh pìos mòr a bharrachd den obair aca.
"Ach chan eil mi a' faicinn no a' cluinnteil fhathast dè an ceum a tha iad a' dol a ghabhail airson sin a chur an gnìomh," thuirt e.