Ceistean a' leantainn mu aiseag Shlèite

MV Coir' Uisg'
Image caption Tha muinntir Shlèite air a bhith ag iomairt airson an MV Coir' Uisg' fhaighinn air ais

Cha deach adhartas sam bith a dhèanamh le Còmhdhail Alba mu cuin a thileas an MV Choir' Uisg' gu seirbheis Shlèite, neo gu dearbh an till i idir, a rèir Buidheann Còmhdhail Shlèite.

Tha mì-thoileachas mòr anns an sgìre bho chaidh am bàta-aiseig, a chaidh a dhealbh a dh'aona-ghnothaich airson na seirbheis eadar Malaig agus Armadal, a chur a Mhuile.

Tha a' bhuidheann ag ràdh nach eil na soithichean a thàinig na h-àite freagarrach airson na slighe agus gu bheil sin a' fàgail gu bheil seòlaidhean tric gan atharrachadh neo gan cur dheth.

Bha dòchas ann aig toiseach an t-Samhraidh gum faodadh an Coir' Uisg' a bhith air a tilleadh, ach dhearbh Caledonian Mac a' Bhriuthainn às dèidh sin nach tachair sin am-bliadhna co-dhiù.

"Cion adhartais"

Thuirt Cathraiche Buidheann Còmhdhail Shlèite, Ruaraidh Moireach, gun do dh'innis iad do Chòmhdhail Alba aig coinneimh Diciadain mu na trioblaidean a tha suidheachadh nan aiseagan ag adhbharachadh do mhuinntir an àite.

"An àite aon aiseag math a bhith againn air an t-slighe, tha trì aiseagan ann a-nise agus tha an t-seirbheis nas miosa na bha i a-riamh".

Thuirt Còmhdhail Alba nach b' urrainn dhaibh gealltanas sam bith a thoirt seachad mun Choir' Uisg' leis nach eil CalMac air an ainm a chur fhathast ri cùmhnant ùr nan aiseagan a choisinn iad bho chionn beagan mhìosan.

Cha robh riochdaire bho ChalMac aig a' choinneimh ann an Slèite ach tha a' bhuidheann an dùil coinneachadh riutha-san nas fhaide air a' mhìos.

Fhuair iad dearbhadh ge-tà, nach bi càil a bharrachd sheòlaidhean eadar Armadal agus Malaig tro mhìosan a' Gheamhraidh, agus thuirt Mgr Moireach nach robh iad riaraichte le sin a bharrachd.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile