Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Lùnasdal 2016 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ionnsaigh sgeine

Thuirt Scotland Yard gu bheil duine, a tha naoi bliadhna deug a dh'aois, an greim aca fo amharus gun do rinn e murt an dèidh bàs boireannaich air an deach ionnsaigh a thoirt le sgithinn ann am meadhan Lunnainn a-raoir. Chaidh còignear eile a leòn agus tha dithis dhiubh sin fhathast san ospadal. Thuirt na polais gu bheil slainte inntinn na chuspair san tachartas seo ach gum faodadh ceannairc a bhith air a chùlaibh cuideachd.

Ìre an rèidh

Tha làn dùil gun geàrr Banca Shasainn ìre an rèidh an-diugh 'son a' chiad uair bho 2009 aig àirde èiginn an ionmhais. Tha beachd ann gun tèid a ghearradh gu cairteal de dh'aon anns a' cheud mu choinneimh maill 'san eaconomaidh an dèidh na bhòt 'son Breatainn a thoirt a-mach às an Aonadh Eòrpach.

Zika

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach eil cunnart sam bith ann do shlàinte a' phobaill ged a tha an galar Zika air àireamh de dhaoine a tha a' fuireach ann an Alba. Thuirt an Riaghaltas gur e àireamh glè bheag air am bheil e, nas lugha na còignear, agus nach eil e na chunnart dhan mhòr-shluagh leis gur e mosquitos, nach eil ann am Breatainn, a tha ga sgaoileadh.

Rathaidean

Tha athaisg bho Bhuidheann Sgrudaidh na h-Alba ag ràdh gu bheil aon rathad anns gach trì ann an Alba feumach air càradh ann an èiginn. Thuirt an athaisg gu bheil an t-suim airgid a tha comhairlean agus an Riaghaltas a' cuir ris na rathaidean eadar 2011 and 2015 air tuiteam ach gum biodh cùisean gu math nas fheàrr le co-obrachadh nas fheàrr eadar na h-ùghdarrasan. Agus ged 's ann an sgìre Earra Ghàidheal agus Bhòid agus anns na h-Eileanan an Iar a tha feadhainn dhen na rathaidean as miosa, thuirt an athaisg gu bheil na h-ùghdarrasan ionadail sna sgìrean a' cosg barrachd airgid orra bho chionn ghoirid.

Na Làbaraich

Bidh a' chiad dheasbad an aghaidh a' chèile a-nochd, ann an Cardiff, eadar Jeremy Corbyn agus Owen Mac a' Ghobhainn, a tha seasamh na aghaidh 'son ceannas a' Phàrtaidh Làbaraich. Tha Mgr Corbyn gu bhith a' gealltainn cosnadh dhan a h-uile duine a tha ga iarraidh agus NHS saor bhon roinn phrìobhaidich. Thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn gum bidh aire-san air aonta anns a' phartaidh agus ullachadh 'son tilleadh gu riaghladh.

Croitearachd

Thàinig coinneamh phoblach ann an Steòrnabhagh a-raoir dhan cho-dhùnadh nach eil earbsa aca ann an Coimisean na Croitearachd agus gum feum fear-gairm a' Chomisein a dhreuchd fhàgail. Bha còrr's ceithir fichead duine aig a' choinneimh agus iad a' deasbad buaidh na connspaid mu na comataidhean ionaltraidh ann an Leòdhas air croitearachd sa sgìre. Thàinig iad gu aonta, an dèidh na thachair ann an Col Uarach agus am Mangarstadh, gum bu chòir do dh'fhear-gairm a' Chomisein, Cailean Ceanadach, an obair sin a chuir bhuaithe.