Connspaid a' leantainn mu fhear-gairm a' Choimisein
- Air fhoillseachadh
Dhiùlt Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, a ràdh co-dhiù an tèid iarraidh air fear-gairm Choimisean na Croitearachd a dhreuchd fhàgail.
Chuir coinneamh ann an Steòrnabhagh taic an t-seachdainn-sa ri iarrtas Chaidreachas na Croitearachd gum fàgadh Cailean Ceanadach a dhreuchd 's mì-thoileachas mòr ann mun dòigh anns an deach dèiligeadh ri dà chomataidh ionaltraidh ann an Leòdhas.
Chaidh bhòt cion-earbsa cuideachd a chumail anns a' Choimisean fhèin.
Bha Mgr Ewing an làthair Diardaoin aig Fèill Àiteachais an Eilein Duibh.
Thuirt e gu bheil e air a bhith bruidhinn ris a' Choimisean mu na thachair bho choinn ghoirid.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 4 An Lùnastal 2016
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh