"Leudachadh a dhìth" air Sgeama nan Taighean Croite

Taighean-croite Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dh'iarradh Comhairle nan Eilean Siar gun deadh an sgeama a leudachadh

Bu chòir sùil às ùr a thoirt air an dòigh anns a bheil taic-airgid ga thoirt seachad do chroitearan airson taighean croite a thogail - sin am beachd Fear-gairm Chomhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba Diardaoin gun tèid £705,000 a roinn eadar aona chroitear thar fhichead a th' airson taighean ùr a thogail neo an fheadhainn a th' aca a leasachadh.

Gheibh gach croitear suas gu £38,000.

Cuideachadh

Thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Dùthchail, Fearghas Ewing, gun cuidich an t-airgead le bhith a' toirt barachd dhaoine a-steach gu sgìrean croitearachd.

Tha Tormod Dòmhnallach ag ràdh gur e sgeama math a th' ann, ach gum bu chòir tuilleadh ionmhais a chuir ris gus an gabh barrachd dhaoine, 's gu h-àraidh òigridh - air taighean a thogail dhaibh fhèin.

'S e leudachadh air an sgeama a dh'iarradh iad, thuirt e, gus am faigh barrachd dhaoine air brath a ghabhail air.

"'S e dè an taic-airgid a tha an Riaghaltas a' cur ris an sgeama, tha sin mar phàirt mhòr dheth agus tha sinn air a bhith a' cluinntinn cuideachd fathannan bho dhaoine gu bheilear a' cuingealachadh an àireimh de thaighean a nì iad gach bliadhna".

Thuirt iad gum bi iad a' sireadh soilleireachaidh bhon Riaghaltas mu dè na h-amasan a th' aca airson an sgeama.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile